Buaidh leasachaidhean cànain air reat crìonadh na Gàidhlig

Translated title of the contribution: The effect of language revitalisation initiatives on the rate of decline of Gaelic

Research output: Contribution to conferencePoster

11 Downloads (Pure)

Abstract

On na h-80-an tha iomairtean air an cur air chois gus suidheachadh na Gàidhlig a neartachadh agus adhartachadh. Anns an taisbeanadh seo thèid buaidh nan leasachaidhean seo air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a sgrùdadh ann an dòigh matamataigeach.
Cruthaichear modail matamataigeach, a’ cleachdadh toraidhean nan cunntasan-sluaigh, gus reat crìonaidh a stèidheachadh agus an uair sin thèid seo a chleachadh gus tuairmse a thoirt air àireamh luchd-labhairt ris am biodhte an dùil gun eadar-theachdan aig àm nan cunntasan-sluaigh bho 1981 air adhart. Nithear coimheas eadar an tuairmse a rèir a’ mhodail mhatamataigeach agus toraidhean nan cunntasan-sluaigh ann an Albainn air fad ach cuideachd air a’ Ghalltachd agus air a’ Ghàidhealtachd.
Tha an sgrùdadh seo a’ sealltainn gu bheil lùghdachadh reat crìonaidh ann an Albainn air fad na thoradh àrdachadh àireamh luchd-labhairt air a’ Ghalltachd, cho fad ̓s tha an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd fhathast air crìonadh.
Translated title of the contributionThe effect of language revitalisation initiatives on the rate of decline of Gaelic
Original languageOther
Publication statusPublished - 14 Jun 2014
EventRannsachadh na Gàidhlig 2014 - University of Edinburgh, Edinburgh, United Kingdom
Duration: 23 Jun 201426 Jun 2014

Conference

ConferenceRannsachadh na Gàidhlig 2014
CountryUnited Kingdom
CityEdinburgh
Period23/06/1426/06/14

Keywords

  • Gaelic
  • language revitalisation
  • language planning
  • language shift
  • language decline
  • Scotland

Cite this